Deasbad an lùtha
Tha ceist an lùtha a' buntainn gu mòr rinn uile, ach chan eil aon bheachd 'ceart' mun chùis. Feumaidh tu smaoineachadh mu gach fuasgladh a tha air a mholadh, agus faighneachd dhut fhèin dè an ùidh a bhiodh aig gach buidheann sa chùis (mar eisimpleir luchd-caitheimh, luchd-poilitigs, dùthchannan fo leasachadh agus dùthchannan leasaichte).
Tha iomadh neach-saidheans, riaghaltasan agus buidhnean eadar-nàiseanta (ach chan eil iad uile) a' gabhail ri beachdan mu bhuaidh an taigh-ghlainne agus blàthachadh na cruinne. Bidh cuid ag ràdh gun deach cus a dhèanamh de bhuaidh an taigh-ghlainne agus na gasaichean as coireach ris. Tha cuid eile ag ràdh gu bheil na tuairmsean mu àrdachadh ann an teòthachdan àile agus àirde na mara ro mhòr.
Tha luchd-iomairt airson na h-àrainneachd a' cumail a-mach gun do chuir companaidhean ola ri duilgheadasan na h-àrainneachd. Tha cuid fiù 's ag ràdh gun tug riaghaltasan an taobh an iar agus planaichean chompanaidhean ola buaidh air cogaidhean san Ear Mheadhanach airson gum faigheadh iad cothrom air tasgaidhean ola.
Air an làimh eile, tha mòran riochdairean bho na companaidhean ola agus bho ghnìomhachasan a bhios a' cleachdadh tòrr lùtha ag ràdh gu bheil luchd-àrainneachd air cus a dhèanamh dhen ìre gu bheil connaidhean fosail a' truailleadh an àile, agus a' bhuaidh a bhios aig an seo air an àrainneachd.
Gheall a' mhòr-chuid de riaghaltasan gasaichean taigh-glainne a lùghdachadh le bhith a' soidhnigeadh Protocail Kyoto. Ach dhiùlt na Stàitean Aonaichte – an dùthaich as motha air an t-saoghal a tha a' leigeil gasaichean taigh-glainne mu sgaoil – gabhail ris an aonta.
Bidh cuid de bhuidhnean – luchd-àrainneachd nam measg – ag iomairt an aghaidh seòrsachan àraidh de chruthachadh lùth ath-nuadhachail. Mar eisimpleir, damaichean air an togail airson cumhachd dealan-uisge a chruthachadh a' cur sgìrean mòra fo thuil – a' toirt buaidh air muinntir an àite, fiadh-bheatha, fàsmhorachd agus haidreòlas. Dh'fhaodadh bacaidhean mara atharrachadh a thoirt air coltas, sruthadh agus eag-eòlas inbhirean, mar an Severn, agus dh'fhaodadh iad truailleadh adhbhrachadh. Bidh cuid an aghaidh thuathan gaoithe seach gu bheil iad grànda, a' dèanamh cus fuaim agus nan cunnart do dh'eòin.