Atharrachadh na gnàth-shìdeRo-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh

Tha tuigse mu na h-adhbharan is mu bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air daoine agus an àrainneachd deatamach gus ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh san àm ri teachd a thoirt gu buil.

Part of Cruinn-eòlasAtharrachadh na gnàth-shìde

Ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh

Stòran lùth seasmhach

Airson ruighinn air an t-iarratas air barrachd lùth air feadh an t-saoghail, ach aig an aon àm a' lùghdachadh an dara cuid milleadh air an àrainneachd no blàthachadh na cruinne, tha e cudromach:

  • nach bi dùthchannan fo leasachadh a' leagail uiread de chraobhan (dì-choillteachadh) agus gun dèan iad barrachd ath-choillteachaidh (a' cur barrachd chraobhan)
  • gum bi dùthchannan a' lorg seòrsachan lùth ùr, a' leasachadh agus a' leudachadh nan stòran a tha an-dràsta nas seasmhaiche na connaidhean fosail
  • gum bi gnìomhachasan agus daoine nan dachaighean a' caomhnadh lùth (nach bi iad a' cosg uiread dheth)
  • gun tòisich dùthchannan leasaichte ag atharrachadh bho fhosailean connaidh gu stòran eile – lùth grèine, lùth gaoithe, lùth an làin agus lùth dealan-uisge

Loch Laomainn: lùth dealain-uisge

Nuair a thòisicheas dùthaich fo leasachadh a' cleachdadh barrachd lùtha, bi iad air am brosnachadh gus lùth seasmhach a leasachadh agus gus smachd a chumail air fàs san àireamh-sluaigh airson nach cosg iad uiread de lùth.

'S e an t-amas aig seasmhachd gum bi stòran air an riaghladh, no pròiseactan agus gnìomhachasan air an ruith, gus an tèid aig na ginealaich ri teachd air na stòrasan a chleachdadh cuideachd.

Tha mòran dhùthchannan air feuchainn ri cleachdadh agus caitheamh chonnaidhean fosail stèidhichte air carbon a lùghdachadh mar thoradh air uallach eadar-nàiseanta. Shoidhnig mòran dhùthchannan Protocail Kyoto, leis an do gheall iad sgaoileadh gasaichean taigh-glainne a lùghdachadh.

Creideas carbon

Tha an sgeama seo ag amas air sgaoileadh gasaichean taigh-glainne a lùghdachadh. Tha e stèidhichte air a' bheachd gum bi an luchd-truaillidh a' pàigheadh a rèir 's na tha iad ag adhbhrachadh de thruailleadh. 'S e am beachd gum bi daoine air am brosnachadh gus nas lugha de thruailleadh adhbhrachadh, seach gun cosg e dhaibh ann an cìsean carbon.