Dùil gun tèid taic a thoirt don ath ìre de Hub Leòdhais aig SSEN

Dealbh a' sealltainn meud Hub Leòdhais
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh a' sealltainn meud Hub Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Thathar a' moladh do chomhairlichean cead-dealbhachaidh a thoirt ann am prionnsabal do làrach ùr na companaidh dealain SSEN air iomall Steòrnabhaigh a bhios cho mòr ri 400 pàirc ball-coise.

Bidh buill Bòrd Iarrtasan-Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh Dimàirt air planaichean SSEN agus iad airson fo-stèisean AC 400kV agus Stèisean HVDC a thogail.

Bidh iad seo agus na togalaichean agus goireasan eile an cois Hub Leòdhais air làraich 285 heactair air gach taobh den A859 air mòintich Àranais agus tuath air Abhainn Ghrioda, beagan is mìle iar-dheas air Steòrnabhagh.

Tha leasachadh SSEN deatamach don phròiseact càball-dealain ùr a chur fon mhuir a bheireadh 1.8GW de chumhachd ath-nuadhachail à Leòdhas gu margaidhean air tìr-mòr.

Ged a tha dùil gum faigh am pròiseact taic nan comhairlichean aig an ìre seo, tha cuid sa choimhearsnachd le dragh mu dheidhinn.

Rinn Comann Coimhearsnachd Marybank agus Maryhill iomairt làidir roimhe an aghaidh moladh SSEN airson làraich eile tuath air an tè seo.

Tha dà bhuidhinn coimhearsnachd air beachdan a thoirt seachad mar phàirt den cho-chomhairleachadh phoblach air plana ùr na companaidh dealain.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig a' cur an aghaidh a' phròiseict agus dragh orrasan mu mheud an leasachaidh agus a' bhuaidh a bhiodh aige air an àrainneachd agus air a' choimhearsnachd.

'S e as motha a tha na adhbhar iomagain do Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath nan Loch na bhios ann de thrafaig an cois na h-obrach.

Tha oifigich planaidh a' moladh do chomhairlichean cead a thoirt ann am prionnsabal (PiP) do Hub Leòdhais.

Chan eil PiP a' ciallachadh gum faod an obair-togail tòiseachadh, dìreach gun gabhadh làrach a bhith air a leasacahdh.

Faodar an aithisg a bhios air beulaibh chomhairlichean a leughadh an seo. , taobh a-muigh

Tuilleadh air an sgeulachd seo