Spòrs
Latest updates
Clach ag amas air adhartas an Cupa na h-Albaair fhoillseachadh aig 14:19 GMT 27 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio, ICT is County a-mach à Cupa Dùbhlain na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:35 GMT 25 An t-Samhain
Chaidh an dà sgioba Ghàidhealach a-mach à Cupa Dùbhlain na h-Alba oidhche Mhàirt.
Choinnich Caley Thistle is Ayr United 'son an dàrna turas ann an còig là agus às dèidh dhaibh a bhith co-ionnan 0-0 san lìog oidhche Haoine, an turas seo bha làmh an uachdair aig an Honest Men.
'S iadsan a chaidh iad air thoiseach aig Pàirc Somerset às dèidh sia mionaidean le breab-peanais bho Owen Stirton.
Ged a fhreagair Alfie Bavidge do dh'ICT, chuir Ross Taylor tadhal dìreach ro letheach slighe gus Inbhir Àir a chur troimhe 2-1.
Ann an Inbhir Pheofharain fhuair Kieran Phillips tadhal tràth do Ross County an aghaidh Stenhousemuir ach cha b' urrainn dhaibh togail air, is bha na Warriors co-ionnan tràth san dàrna leth tro Lewis O'Donnell.
Cha robh an còrr thadhal ann is air a' cheann thall 's iad Stenhousemuir a shoirbhich 4-2 air breaban-peanais.
Thàinig an naidheachd mhòr sa chupa aig Pàirc Holm far an do rinn Bruach Chluaidh bho Lìog na Galldachd a' chùis air breaban-peanais air Queen's Park.
Bidh iadsan san ochd mu dheireadh còmhla ri Ayr United, Stenhousemuir, Airdrieonians, Dùn Phàrlain, Partick Thistle, Hamilton Accies, is Baile Dhùn Lèibhe.
Òigridh air an dòigh le pàirc spòrs uile-aimsire ùr san Àth Leathannair fhoillseachadh aig 17:49 GMT 20 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio, Taghadh ball-coise WIIGA air a dhèanamhair fhoillseachadh aig 16:56 GMT 19 An t-Samhain

Tha fios aig sgiobaidhean ball-coise nan Eilean Siar a-nise cò bhios nan aghaidh aig Geamannan nan Eilean anns na h-Eileanan Fàrach an ath-bhliadhna.
Chaidh na taghaidhean a dhèanamh Diciadain is gnothaichean air tionndadh a-mach mar seo 'son sgiobaidhean WIIGA:
Sgioba nam Ban - Buidheann C
Na h-Eileanan an Iar
Hitra
Jersey
Sgioba nam Fear - Buidheann A
Na h-Eileanan an Iar
Na h-Eileanan Fàrach
Frøya
Sealtainn
Gheibhear na buidhnean gu lèir an seo, taobh a-muigh.
Bidh na geamannan ann eadar an 3mh is an 9mh den Iuchar.
Ceistean mòra mu sgioba na h-Albaair fhoillseachadh aig 14:37 GMT 17 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio, Leòdhas is na Hearadh troimhe an Cupa Football Timesair fhoillseachadh aig 09:19 GMT 16 An t-Samhain
Bidh sgioba Leòdhais is na Hearadh a-nise an aghaidh Alanais san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Football Times is iad air adhartas a dhèanamh air an deireadh-sheachdain.
Rinn na h-eileanaich an gnothach 3-0 air Bunillidh Thistle ann am Baile Dhubhthaich Disathairne, na tadhail a' tighinn bho Mhata Davidson sa chiad leth is an uairsin Ross Dòmhnallach is Robbie MacCoinnich san dàrna leth.
Tha dùil gum bi an geama an aghaidh Alanais ann air a' 5mh den Dùbhlachd, ged nach eil cinnt ann fhathast càite an tèid a chluich.
Tha a h-uile coltas ann gur e geama nas dorra a bhios ann dha Leòdhas is na Hearadh is Alanais iad fhèin air a' chùis a dhèanamh 3-0 air Bunillidh Thistle bho chionn beagan sheachdainean.
San iar-chuairt dheireannaich eile bidh Inbhir Theòrsa an aghaidh A' Ghearasdain.
Sgioba Leòdhais is na Hearadh ag amas air adhartas an Cupa Football Timesair fhoillseachadh aig 15:57 GMT 13 An t-Samhain
Bidh Sgioba Leòdhais is na Hearadh air tìr-mòr Disathairne is iad a' dol an aghaidh Bunillidh Thistle sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa Football Times.
Ràinig na h-eileanaich an ìre seo nuair a rinn iad an gnothach 4-2 air Tain St Duthus sa chiad chuairt.
Bidh an geama an aghaidh Bhun Ilidh ann aig Pàirc Ghrannd ann am Baile Dhubhthaich is tòisichidh e aig 12:45f.
Àrd-oifigear ùr air Comann na Camanachdair fhoillseachadh aig 17:22 GMT 12 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio, Sgiobaidhean ball-coise WIIGA dearbhte 'son Geamannan nan Eilean 2027air fhoillseachadh aig 09:42 GMT 12 An t-Samhain

Tha an dà chuid sgioba nam fear agus sgioba nam ban aig WIIGA air dearbhadh fhaighinn gum bi àite ann dhaibh aig Geamannan nan Eilean 2027 anns na h-Eileanan Fàrach.
Bha ceist air a bhith ann mu àite do na fir is dùil ri barrachd sgiobaidhean aig an fharpais.
Ann am bliadhnaichean eile bha feum air taghadh a dhèanamh 'son co-dhùnadh cò gheibheadh àite.
Cha bhi feum air sin 'son Geamannan 2027 is cuid - leithid Arcaibh - air innse do bhuidheann riaghlaidh nan geamannan nach bi iad a' cur sgioba dhan fharpais.
Gheibh sgiobaidhean WIIGA a-mach Diardaoin an ath-sheachdain (19mh) cò a bhios iad a' cluich aig ìre nam buidhnean anns na h-Eileanan Fàrach.
Bidh na geamannan ann eadar an 3mh is an 9mh den Iuchar.
ICT is County troimhe an Cupa Dùbhlain na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:01 GMT 4 An t-Samhain
Tùs an deilbh, SNSFo-thiotal an deilbh, 'S e Alfie Stiùbhart a fhuair an tadhal a chuir Caley Thistle troimhe
Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis is Ross County air adhart dhan 16 mu dheireadh ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba is iad le chèile air buannachadh oidhche Mhàirt.
'S e 1-0 a bh' ann do ICT aig an taigh an aghaidh Mhon Rois is an tadhal a' tighinn bho Alfie Stiùbhart le aona mhionaid deug air fhàgail.
Thuirt leas-mhanaidsear Inbhir Nis, Billy MacAoidh, gun robh còir aca a bhith air tadhal fhaighinn gu math nas tràithe.
"Bha e follaiseach gun robh smachd againn air a' gheama, còrr is 20 oidhirp, is 's e am briseadh-dùil a bh' ann nach do ghabh sinn na cothroman. Dh'fhaodadh gun robh geama sin seachad sa chiad leth," thuirt MacAoidh.
"Feumaidh sinn a bhith nas fheàrr a thaobh chothroman a ghabhail, ach ann am farpais cupa 's e an rud as motha a dhol troimhe dhan ath-chuairt is 's e sin a rinn sinn."
Bha cùisean cofhurtail gu leòr do Chounty is iadsan air a' chùis a dhèanamh 2-0 air Celtic B ann an Inbhir Pheofharain.
Chuir Kieran Phillips na Staggies air thoiseach às dèidh dusan mionaid is chuir an dearbh chluicheadair an dàrna tadhal tràth san dàrna leth.
"Geama farpaiseach a bh' ann is bha sinn a' faireachdainn aig leth-ùine nach robh sinn a' cumail a' bhuill mar a bha còir againn," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Shaoil mi gun robh sinn na b' fheàrr san dàrna leth is chruthaich sinn tòrr chothroman. Mura b' e am fear-glèidhidh òg aig Celtic B bhiodh sinn air barrachd thadhal fhaighinn.
"Bha e math cuideachd cothrom is mionaidean a thoirt do chuid san sguad againn nach eil air a bhith a' cluich ro thric".
Cha bhi fir Arcaibh sa bhall-coise aig Geamannan nan Eilean 2027air fhoillseachadh aig 14:58 GMT 3 An t-Samhain
Tùs an deilbh, Comann Ball-Coise Amaitearach ArcaibhFo-thiotal an deilbh, Na cluicheadairean a bha air an targaid do dh'Arcaibh aig ìre nam buidhnean ann an Geamannan nan Eilean 2025
Cha bhi fireannaich Arcaibh a' cluich ann am farpais a' bhuill-choise aig Geamannan nan Eilean anns na h-Eileanan Fàrach an ath-bhliadhna.
Thuirt Comann Ball-Coise Amaitearach Arcaibh gur e ionmhas as coireach is nach robh ceist idir ann a thaobh miann a bhith a' cluich san fharpais.
Thog iad air na cosgaisean a tha a' tighinn air gach cluicheadair a thaobh siubhail is àite-fuirich is thuirt iad nach robh ach glè bheag air a bhith comasach aig an ìre seo gealltanas a thoirt air a' chiad chnap airgid a phàigheadh.
Thuirt iad gun robh cus mhì-chinnt an lùib ainm Arcaibh a chur san taghadh leis a' chunnart gun cailleadh daoine airgead nam biodh aca ri tarraing a-mach.
"Air a' cheann thall cha robh dol às againn ach co-dhùnadh nach bi Arcaibh a' cluich ann am farpais ball-coise nam fear," thuirt iad.
Chrìochnaich fir Arcaibh sa chòigeamh àite aig geamannan 2025 is iad a' cluich aig an taigh.
Sgiobaidhean Gàidhealach ag amas air adhartas an Cupa Dùbhlain na h-Albaair fhoillseachadh aig 11:34 GMT 3 An t-Samhain
Tùs an deilbh, SNSBidh sgiobaidhean na Gàidhealtachd ag amas air adhartas a dhèanamh ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba oidhche Mhàirt is iad ri chèile aig an taigh san 32 mu dheireadh.
Cuiridh Caley Thistle, a chaill sa chuairt dheireannaich san fharpais seo an-uiridh, fàilte air Mon Rois.
Thuirt manaidsear ICT gu bheil e airson barrachd fhaicinn bho na cluicheadairean aige às dèidh dhaibh call 5-1 ri Dùn Phàrlain san lìog Disathairne.
"Tha sinn an-còmhnaidh air a bhith meadhanach math a thaobh gnothaichean a thogail gu sgiobalta às dèidh droch là," thuirt Scott Kellacher.
"Feumaidh sinn a bhith nas fheàrr, a bhith nas làidire, is am ball a chumail gu math nas fheàrr."
Thèid Mon Rois a-steach dhan gheama ann an sunnd is iad air crìochnachadh 1-1 ri Hamaltan Disathairne.
Rinn oidhirp Mhon Rois feum do Ross County is iadsan a' gluasad air thoiseach air Hamaltan aig mullach Lìog a h-Aon.
Cuiridh na Staggies fàilte air Celtic B sa chupa oidhche Mhàirt.
Chuir County 14 tadhail seachad air Hearts B nas tràithe san fharpais ach bidh dùil aca ri geama nas cruaidh na sin bho Celtic B, a thàinig tro ìre nam buidhnean gun geama a chall.
Tòisichidh an dà gheama aig 7:45f.
Cothroman gu leòr do chluicheadairean òga an Alba?air fhoillseachadh aig 15:43 GMT 2 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio, Ceann Loch Seile cinnteach air an treas àite sa Phrìomh Lìogair fhoillseachadh aig 08:58 GMT 2 An t-Samhain

Dhearbh Ceann Loch Seile gun crìochnaich iad san treas àite ann am Prìomh Lìog nam fear nuair a rinn iad an gnothach air na nàbaidhean aca às an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain.
Air là fliuch bha pàirc Rèaraig gu math trom ach thòisich an dà sgioba gu math.
Chuir Keith MacRath na Seilich air thoiseach às dèidh dìreach trì mionaidean ach bha na Sgitheanaich co-ionnan gu math sgiobalta tro Lachlann MacLeòid.
Bha na sgiobaidhean co-ionnan aig 1-1 pìos a-steach dhan dàrna leth, ach nochd an uairsin an seann sionnach MacRath a-rithist le dà thadhal eile taobh a-staigh naoi mionaidean.
Chrìochnaich e 3-1 is Ceann Loch Seile a' gluasad trì puingean air thoiseach air Camanachd an Òbain a tha sa cheathramh àite.
Le dìreach aon gheama air fhàgail aig an dà sgioba tha na Seilich mar sin cinnteach air an treas àite.
Tha aire a-nise air a' gheama mu dheireadh aca Disathairne seo tighinn nuair a chuireas iad fàilte air Ceann a' Ghiùthsaich.
Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich an dà phuing gus an tiotal a bhuannachadh ach ma gheibh na Seilich dad às a' gheama 's iad Baile Ùr an t-Slèibh a gheibh an lìog.
Tha fhathast ceithir geamaichean lìge air fhàgail aig na Sgitheanaich is bidh iadsan Disathairne air an rathad fhada a dh'ionnsaigh Chlachan Ghleann Da-Ruail 'son cluich an aghaidh Caol-Gleann.
Didòmhaich bha dà gheama òigridh eadar an Ceann a Tuath is an Ceann a Deas.
Rinn Tuath a' chùis 10-1 sa gheama aig ìre Fo 14 is 7-1 aig ìre Fo 17.
Bha là air leth aig fear eile de Chlann MhicRath à Ceann Loch Seile ann an geama Fo 17 is Jay a' cur ceithir de na tadhail.
Cruth-atharrachadh san iomain?air fhoillseachadh aig 16:08 GMT 30 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio, County agus Accies co-ionann an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 11:35 GMT 28 An Dàmhair
Tùs an deilbh, SNSTha Ross County is Hamilton Accies fhathast co-ionnan aig mullach Lìog a h-Aon is iad air crìochnachadh co-ionann 1-1 ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.
Chuir Dylan Mac a' Ghobhainn County air thoiseach goirid às dèidh leth-uair le oidhirp bho oir a' bhocsa.
Beagan mhionaidean às dèidh sin fhuair Stuart McKinstry Accies co-ionann.
Cha b' urrainn do thaobh seach taobh tadhal a lorg 'son an geam a bhuannachadh is chrìochnaich e 1-1.
Tha na sgiobaidhean ri chèile fhathast gun geama a chall san lìog gu seo is iad còmhla air 32 puing, ged a tha na Staggies air thoiseach air tadhail.
Thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell gun robh e a' faireachdainn gur e "cothrom caillte a bh' ann gu ìre" is e den bheachd gun robh barrachd smachd aig an sgioba aigesan air a' gheama.
Thuirt Kettlewell cuideachd ge-tà, gun robh e den bheachd nach do chruthaich County cothroman gu lèor.
"Bha mi a' faireachdainn gun do rinn sinn gu leòr 'son an geama a bhuannachadh is air là eile, bhiodh sinn air a bhith nas clionaigaich timcheall air an tadhal is bhiodh sinn air na puingean fhaighinn.
"Feumaidh sinn urram a shealltainn do dh'Accies ge-tà airson mar a fhuair iad iad fhèin air ais anns a' gheama".
Bidh County air falbh Cille Bhrìghde an Ear Disathairne is Accies aig an taigh an aghaidh Mhon Rois









