Albannaich air an Aghaidh an IarAn cogadh a' tòiseachadh

Toiseach a’ Chiad Chogaidh ghabh mòran an Alba dhan arm is dùil nach biodh an cogadh fada. Bha iad sna trainnsichean air an Aghaidh an Iar is bhàsaich mòran sna prìomh bhlàir.

Part of EachdraidhÀm a' Chiad Chogaidh

An cogadh a' tòiseachadh

Nuair a thòisich an cogadh, bha daoine gu mòr air a shon air feadh na Roinn Eòrpa. Bha na ceudan mhìltean dhaoine nan cabhaig gus gabhail ann agus iad cinnteach gum biodh iad dhachaigh airson na Nollaig.

Ann am Breatainn ghabh 900,000 dhan arm gu saor-thoileach sa chiad trì mìosan, nam measg balaich-sgoile a bha air breugan innis mun aois gus am faigheadh iad ann.

A' gabhail dhan arm gu saor-thoileach

Saighdearan bhon a' Ghàidhealtachd anns a' Chiad Chogaidh
Image caption,
Saighdearan bhon a' Ghàidhealtachd anns a' Chiad Chogaidh

Bha grunn adhbharan, leithid cuideam bhon co-aoisean, faireachdainn ciontach agus miann a dhol an sàs ann an iomairt dhàna, aig Albannaich òga airson a dhol dhan arm gu saor-thoileach. Bha a' mhòr-chuid dhen bheachd gun cailleadh iad air turas inntinneach còmhla rin caraidean mura gabhadh iad dhan arm san spot. Ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach nach biodh an cogadh 'seachad ron Nollaig'.