Sgilean ailseabrachAn caisead

Sìmplichidh tu abairtean ailseabrach le bhith ag iomadachadh a-mach nan camagan is a' cruinneachadh theirmean co-choltach, no a' factaradh le factar cumanta. Lorg caisead loidhne dhìreach le foirmle.

Part of MatamataigAilseabra

An caisead

Bidh an ag innse dhuinn dè cho cas 's a tha loidhne. Mar sin, mar as motha an caisead, 's ann as caise a tha an loidhne.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh suas chun na làimh dheis a th' ann an caisead dearbhte.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh sìos chun na làimh dheis a th' ann an caisead àicheil.

Caiseadan loidhneachan sònraichte

Tha an aon chaisead aig loidhneachan co-shìnte.

2 parallel diagonal lines

Tha caisead neo-mhìnichte aig loidhneachan bheartagail.

Co-aontar \(x = a\)

Vertical line

Tha caisead de neoni aig loidhneachan còmhnard.

Co-aontar \(y = b\)

Horizontal line

Seo aon dhe na foirmlean a bhios sinn a' cleachdadh gus caisead loidhne dhìreach obrachadh a-mach:

\(\text{Caisead leathaid} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}\)

Right angle triangle showing vertical and horizontal dimensions, with the gradient slope highlighted

Feuch a-nis na ceistean seo.

Question

Tha ramp ùr gu bhith a' dol air cliathaich togalaich.

Obraich a-mach caisead an ramp bhon diagram.

Diagram of a 26cm x 78cm right-angled triangle

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Gradient line on graph using the grid to plot a right angled triangle

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Diagram of a 5cm x 20cm right-angled triangle

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Diagram of a 10m x 45m right-angled triangle